Turas FilmG a Ghlaschu

The FilmG Youth competition has become established as a great way of showcasing the talents of young Gaelic speakers across Scotland. This year, three pupils from Gairloch High attended the award ceremony in Glasgow with the support from the HYAH #goseeshare fund. Here, the boys tell Stacey a bit more about the experience…

Air an 19mh latha den Ghearran chaidh Iain Nelson, Somhairle Street agus Max Conway sìos a Ghlaschu airson a bhith an làthair aig Cuirm Dhuaisean FilmG 2016. Chaidh an fhiolm ghoirid againn ‘An Cothrom’ a thaghadh airson dà gheàrr-liosta anns a’ cho-fharpais, a-mach à 54 sgoiltean. ‘S e cuirm FilmG aon de na tachartasan as motha ann an saoghal na Gàidhlig, mar sin ‘s e urram mòr a bh’ ann dhuinn a bhith ann am-bliadhna.

Rinn am buidheann againn tòrr obrach air an sgriopt agus tha sinn a’ faireachdainn gu math fortanach gun do chòrd e ri na britheamhan mu dheireadh thall. Cuideachd tha sinn cho taingeil dhan tidsear againn Mgr Cuimeanach agus dhan sgoil fhèin airson an cothrom iongantach seo a thoirt dhuinn agus ar cuideachadh leis an fhiolm againn.

Tha sinn cuideachd ag iarraidh taing a thoirt do Aonghas MacLeòid is Màiri Rodgers airson misneachd a thoirt dha na sgoilearan le actadh agus cuideachadh leis a’ gheàrradh, agus dha na buidhnean Gale is Beautopia airson leigeil leinn na togalaichean aca a chleachdadh san fhiolm. Chòrd e ri na sgoilearan a bhith ag obair ann am buidheann còmhla agus ag ionnsachadh sgilean actaidh agus camara.

Fhuair an triùir againn tòrr a-mach às an turas seo gu Glaschu, agus tha sinn dòchasach gun urrainn dhuinn na rudan a dh’ionnsaich sinn a chleachdadh airson fiolm buileach nas fhèarr a dhèanamh an ath-bhliadhna.

Thuirt Sòmhairle: “Fhuair sinn cothrom feadhainn de ne rionnagan Gàidhlig as ainmeile fhaicinn! Cuideachd bha e glè mhath na fiolmaichean eile fhaicinn.” ‘S e beachd Max “Bu toil leamsa an fiolm ‘Cliùlean’ oir bha e sìmplidh ach cuideachd èibhinn aig an aon àm, agus dh’ionnsaich sinn tòrr sgilean camara gleusta às.”

‘S e àm gle sporsail a bh’ ann airson a h-uile duine agus tha sinn fhathast gu math toilichte gun deach sinn dhan chuirm ged nach do bhuannaich sinn càil.

Tha sinn uile gle fhortanach an cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail ann an tachartas Gàidhlig cho mòr agus cha b’ urrainn dhuinn a dheanamh às aonais an cuideachadh mòr a fhuair sinn bho Highland Youth Arts Hub, taing mhòr dhaibh airson an taic.


 

On the 19th of February, Iain Nelson, Sorley Street and Max Conway travelled to Glasgow to be present at the FilmG Awards Ceremony 2016. Our short film ‘The Chance’ was shortlisted for two categories out of the 54 schools who took part in the competition. The FilmG ceremony is one of the biggest events in the Gaelic world, therefore it was a great honour for us to be there this year. Our team worked endlessly to produce the script and we feel fortunate that it appealed to the judges in the end. Also we are very thankful to our teacher Mr. Cumming and the school as a whole for giving us this incredible opportunity and helping us with our film.

We would also say how much we appreciate the help given by Angus MacLeod and Màiri Rodgers as they gave the pupils confidence in acting and editing, and to the local businesses Gale and Beautopia for allowing us to use their buildings in the film. The pupils enjoyed working together as a group and learning valuable film making skills including camera work and acting.

We all gained a lot from the trip to Glasgow, and we hope we can use the skills we learnt to create an even better film next year.

Sorley said: “We had the chance to meet some of the most famous Gaelic celebrities! It was also interesting to see the other films.” In Max’s opinion: “I enjoyed the film ‘Cliùlean’ as it was simple but also funny at the same time, and we learnt lots of clever camera techniques.”

It was a very entertaining trip for everyone and we’re still happy that we went to the ceremony even though we didn’t win anything.

We’re all very lucky to get the chance to take part in a Gaelic event as successful as this and we couldn’t have managed without the huge help from the Highland Youth Arts Hub, many thanks to them for their support.

To find out more about FilmG please visit: www.filmg.co.uk

Article written by Iain Nelson, Sorley Street & Max Conway